trimmed

Hairdresser Script

Mairi MacAulay

The last script from a series of 8 comedy monologues produced by mneTV, transmitted on Radio Nan Gaidheal in 2008. Dolly entertains us with an insight in to the politics of hairdressing in the islands. Dolly talks of the local rivals and the local gossip!  This story was written by Calum MacKinnon and acted by Joan Anderson.

DOLLY, Le Calum MacFhionghain

 
SCENE 1. INT SALON. DAY

DOLLY:  (SIGHS)  Tha e doirbh nach eil?  Fichead nota?  Còig air fhichead?  Seachd air fhichead?  Deich air fhichead?  Oh chan eil fhios agamsa.  Tha cuid a dhaoine ann agus chan eil airgead a cunntas an t-uamhas dhaibh.  Chan eil iad fuis a coimhead air prìsean – fhads a tha iadsan toilichte ris a t-seirbheis a tha iad a faighinn – chan eil e gu diofar dè phrìs.  Uill cha dearg thu prìs a chuir air a bhith coimhead math!  Agus se sin a tha mise a’ gealltainn dhaibh – gun tig iad a staigh a seo agus as dèidh beagan ’s dà uair a t-shìde gum bi iad a’ coimhead cho math ris na rionnagan a bhitheas a nochdadh air a telebhisean – an fheadhainn dhòigheil – chan eil mi a ciallachadh muinntir Wifeswap ann!


DOLLY: Bha mi dèanamh gut out an latha roimhe agus thàinig mi tarsainn air tè dhen na seann bhileagan agam, fhios agaibh ag innse dè bha siud a cosg ’s dè bha seo a cosg agus cha chreidsinn e – chan eil mi air na prìsean agam atharrachadh on chionn deich bliadhna!  Deich bliadhna smaoinich thusa!  Nuair a tha pris a h-uile sian eile air a dhol suas eadar petrol, biadh, deoch – gu h-àraidh an deoch, cìs comhairle, taxes a h-uile sian – a h-uile sian ach na tha thusa a Dholly a chargeadh airson Cut & Blow Dry.  Thubhairt mi dìreach rim fhèin, “Nisd a Dholly feumaidh tu seo a chuir ceart.”


DOLLY: Bi cuid a ràdh nach eil còir agad cùis a chargeadh air an seòrsa seirbheis a tha seo – gu h-àraidh ma tha torr dhaoine eile ga thabhann cuideachd – rud a tha a nisd.  Ach a chionn deich bliadhna cha robh ann ach mi fhèin agus Deirdre….oh agus Iain Sheumais airson na fìr.  Tut, cha robh cus feum ann a Iain Sheumais bochd– bha e a smaointinn gun dèanamh e an gnothach air clup a toirt seachad seach gu robh e math a rùisgeadh chaorach! 
 

SCENE 1. INT SALON. DAY (CONT)

DOLLY: Se aon seòrsa routine a bh’aige ach nach robh e a ceangal na casan aca!  Cha mhòr nach robh an duine a cuir kil orra nuair a bha e deiseil!

Agus airson an truagheag eile a bha siud Deirdre – uill se “dreary” a bu choir a bhith oirre.  Cò bha airson èisdeachd i sin a cuir aiste ma dheidhinn cho dona sa bha Jimmy rithe – a salchar a bha fuireach còmhla rithe.  Bha i fhèin agus e fhèin cho volatile – argamaid, ’s sabaid, social work, ’s cuir a iarraidh poileas….agus an nuairsin a faighinn air ais còmhla ’s kisseagan agus cò ach e!  Dh’fhàs a h-uile duine sgìth dhen gnothach a bha sin aca.  Bhitheadh i cho tric agad a nochdadh le beagan a bharrachd peant air a h-aodainn, fhios agaibh as dèidh coiseachd a staigh ann a doras neo tuiteam sìos a staidhre.  Rag ghèile ’s meadhan a gheamhraidh ’s ise ann a speuclairean dubha – mar Liz Taylor a tighinn a staigh a Heathrow.   

Thàinig i a staigh a latha bha seo… Deirdre chan e Liz…agus aice ri prom a thoirt dha Bean Alasdair Bhig – rud nach robh furasta agus i sin a ciall na gruaige – bha Bean Alasdair an dèidh bhith fichead mionaid ga feitheamh – bha ann aon stòraidh aig Deirdre gu robh i air tuiteam sìos a staidhre ’s i ann a cabhaig a dol gu meeting gu tè a Housing aig a Chomhairle agus i ag iarraidh mathanas bho Bean Alasdair Bhig airson a bhith fadalach – “Tha mi an dòchas,” ars Bean Alasdair Bhig, “Gun do chuir thu a staigh airson bungalow.”

Tri mìosan as dèidh sin bha ambulance air taobh a muigh an taighe agus Deirdre a rithist air tuiteam sìos a staidhre.  Chaidh a toirt air falbh ann a Air Ambulance agus chan fhaca ’s riamh as dèidh sin i, am boireannach bochd – och tha e sgrathail mar a thachair dhith – ach air a shon sin bha fòn agamsa na teine ’s daoine a coimhead airson bookings.

FADE OUT ON SOME MUSIC


SCENE 2. INT SALON. MORNING

SFX  TELEPHONE RINGS, AFTER A FEW RINGS THE ANSWER PHONE KICKS IN AND A MESSAGE PLAYS. 


DOLLY:  “Hello Dolly’s Hairdressing Salon, I’m busy right now, please leave a message after the beep and I’ll get back to you.”


LENA:  Hi a Dholly se Lena a tha seo, bha mi booked a staigh aig aon uair deug ach cha dean mi gnothach air an diugh idir, tha agam ri shift eile a dhèanamh tha Marion dheth le bug neo rudeigin.  Tha mi duilich ma dheidhinn seo, cuiridh mi àm eile air dòigh uaireigin.  Ok cheers.


SFX A CAR DRIVES UP OUTSIDE.  DOLLY GETS OUT AND WE HEAR HER CLIP CLOP UP TO THE DOOR IN HER HIGH HEELS.  THE DOOR IS UNLOCKED AND OPENED AND SHE ENTERS.


DOLLY: Och tha an doras a tha siud a fàs uamhasach stuff. 
 Mar a tha mi fhèin an diugh – oh theab nach èirichinn ’sa a mach aiste.  Ach cò dhiù tha mi seo a nisd.  Oh tha am post an dèidh bhith seo mar tha, bheir mi sùil air a siud an ceartuair – a chiad rud se a heating a chuir air agus cupa math làidir do De-cafe.  Nuairsin beag sgioblachadh a dhèanamh a staigh a seo.  Siuthad a nisd, Dolly put the kettle on.


SFX DOLLY PUTS ON THE HEATING AND SWITCHES THE KETTLE ON.


 
SCENE 2. INT SALON. MORNING

DOLLY: Tha torr obair ann a salon gruaige, feumaidh tu a h-
uile sian a chumail cho glan ri glan -–chan eil thu ag iarraidh bugs fhaighinn bho gruag duine sam bith eile a bheil?  Bi cuid ag ràdh falt ris nach bi?  Iadsan a bhitheas a seinn tron sròin – ach ann a Uibhist se gruag a bhitheas aigeinn air. 

Bha miann agam riamh a bhith nam hairdresser, tè gruaige – ’on a bha mi òg.  Fhuair mi doll aig àm Nollaig, cha robh mi ach sia neo seachd.  Tha mi ràdh doll ach cha robh ann ach ceann.  Fhios agaibh, ceann le torr gruaige and aodainn brèagha – caran coltach ri Dolly Parton anns na sixties – nineteen sixties tha mi a ciallachadh, chan e in her sixties – tha e doirbh a ràdh dè an aois a tha i nisd leis na tha i air plastic surgery fhaighinn.   

Dhùisg mi madainn Nollaig ’s i leth dorcha fhathast agus bha i ann a shin.  Gu fortanach bha i ann a bocsa – chan eil fhios agam ciamar a bhithinn a faighinn ceann boireannach aig cheann shìos na leabaidh, mar rudeigin a mach a horror film.  Oh ach cho toilichte sa bha mi le Shirley, sin an t-ainm a thug mi oirre, an toiseach se Morag a bha oirre ach an nuairsin chaidh a baisteadh Shirley, bha sin nas glam.  Se rud, gu faodaidh tu stoighle sam bith a thoirt air Shirley, aon latha chuireadh tu a gruag suas, latha eile curls, ’s docha ann a bun, mantilla oirre, ringlets……  Oh bha spors agus cluich gu leòr agam rithe, uill se sin gus a d’fhuair Ruaraidh mo bràthair faisg oirre le clippers agus rinn e Sinead O’ Connor dhith. 


SFX  THE KETTLE HAS FINISHED BOILING.  DOLLY BEGINS TO MAKE HERSELF A CUP OF COFFEE.


 
SCENE 2. INT SALON. MORNING

DOLLY:  (SIPS)  Awwhh chan eil dad cho math ri deagh chupa cofaidh.  (SHIVERS SLIGHTLY) Oh uill tha i fuar a staigh a seo an diugh, feumaidh gur ann an taobh a tha a ghaoth an diugh.  Nisd dè dh’fhàg Pàdraig Post dhomh?

SFX LETTER BEING OPENED.


DOLLY: Cunntas airson an electric.  Tha iad luath gu leòr a cuir siud a mach nach eil?  Pàigheadh mi a rithist e, fhios an gabh iad I.O.U?  Uill feumaidh mi heating, dè chanas Lena nuair a thig i a staigh a seo agus an àite cho fuar ris a phuinnsean?  Och tha i a tighinn a seo gu math tric.  Mur a b’e gu robh i a tighinn a staigh an diugh cha leiginn a leas seo fhosgladh, cha eil duine eile agam an diugh, uill cha shaoileadh thu sin air Diciadain a saoileadh?  Oh tha solas air a fòn, ’s docha gur a booking a th’ann.


SFX DOLLY PRESSES THE BUTTON ON THE ANSWER PHONE AND THE MESSAGE PLAYS.


LENA: Hi a Dholly se Lena a tha seo, bha mi booked a staigh aig aon uair deug ach cha dean mi gnothach air an diugh idir, tha agam ri shift eile a dhèanamh tha Marion dheth le bug neo rudeigin.  Tha mi duilich ma dheidhinn seo, cuiridh mi àm eile air dòigh uaireigin.  Ok cheers.


WE FADE OUT.
SCENE 3. INT SALON. DAY

SFX HAIR DRYER GOING.  IT STOPS.

DOLLY: Uill tha siud a dol co dhiù.  Tha mi a smaointinn gu bheil aon sia hairdryers a staigh a seo – nan tigeadh Status Quo a staigh a seo an drasda bhitheadh tè an duine aca agus tè eile spare.  Tha trì sinks a staigh a seo agam – uill a dhà – tha crack mhòr innte siud agus mar sin cha bhith mi ga cleachdadh.  Thuit rudeigin innte…..dè nisd a bh’ann?  (REMEMBERS)  Muga cofaidh se, sin e, muga cofaidh, mise a bh’ann.  Thuit i dìreach a mach as mo làimh.  Bi mi uaireannan a faighinn siataig nam làmhan, dìreach an drasda sa rithist – tha mi cinnteach nach eil a seòrsa obair a tha seo a cuideachd.  RSI nach e sin a tha aca air?  Repetitive Strain Injury – ach dearbh chan eil cus dheth dol a staigh a seo an drasda – obair tha mi ciallachadh – tha gnothaichean caran sàmhach an drasda, feumaidh nach eil airgead aig daoine ann.  Agus ma tha chan eil iad airson a caitheamh air highlights na dad sam bith mar sin.  Cuideachd tha na rudan a tha sin a nisd anns na bùithtean agus bi daoine ga feuchainn a staigh aca fhèin – ach chì thu e cho soilleir iad – bi iad a toirt nam chuimhne a fear a bhitheadh a seinn anns a chòmhlan a tha siud – Kajagoogoo, Lima neo Lama neo rudeigin mar sin.


DOLLY: Chunnaic mi i fhèin an latha roimhe, sa char ùr aice – uill chan e car a th’ann, tè dhen na four by fours a tha sin – agus a h-ainm sgrìobhte air a chliathaich.  Tha i a nisd a dèanamh ìnean, ga peantadh anns a h-uile seòrsa dath – rud a chunnaic i ann a EastEnders.  Cha eil rathad gu bheil i a dèanamh cho math sin….och bi h-uile sian aice air a phlastic tha mi cinnteach.  Tha duine aige ag obair air na Rigs so bi airgead a sin aice.  Uill tha mi a ràdh an duine aige, chan eil iad pòsda ann, tha clann aca, ach chan eil fàinne. 

 
 
SCENE 3. INT SALON. DAY (CONT)

DOLLY: A rèir cliathaich a four by four tha i dèanamh bainnsean cuideachd agus dad gus a cluinntinn sibh seo tha làrach linn aice cuideachd.  Feumaidh gu bheil i a smaointinn gum bi daoine a cuir post dealain ’ice a coimhead airson appointment.  Mas fhìor!  Tha còir agam fhìn booking neo dha a chuir a staigh ‘ice air email bhon t-ainm M MacLeod, neo C MacDonald – cha bhitheadh fhios aice cò mi.  Do gu bheil seachd C MacDonald’s sa bhaile a tha seo – chuireadh sin droll i!

Uill tha fhios agam air aon C MacDonald nach tig ’ice se sin Catriona shìos a rathad.  Bhitheadh i cho tric a tighinn a staigh a seo ach tha greas ann on a chunnaic mi i – ’s docha gu bheil i trang.  Mur ’s tric cha bhitheadh i a tighinn a staigh ach na b’e agus gu robh do mhòr aice neo banais neo rudeigin mar sin. 

Tha greas ann on a rinn mi gruag bainnse mi fhìn.  Oh se deagh chontract a tha sin, oir ’s docha gu faigh thu triùir neo ceithir a staigh a faighinn a cuid gruag ga dhèanamh.  Feumaidh thu trials a dhèanamh an toiseachd ’s docha dà neo trì thurais agus an nuairsin an latha mòr fhèin – so tha clabbaig mhath airgead ann.  Fhad’s a bheir i gu leòr aire dha Bean na Bainnse bi thu taghta.  Cha eil cùis d’ ùidh aicese ciamar a tha an còir dhen entourage a coimhead fhads sa tha i fhèin a coimhead brèagha.  Mar ’s tric bi iad ga iarraidh a chuir suas co dhiù – tha e cho furasda, faff, faff, faff, prìne neo dhà a siud ’s seo an siud e deiseil.


 
 
SCENE 3. INT SALON. DAY (CONT)

DOLLY:  An turas ma dheireadh a rinn mi banais chaidh gearain a chuir a staigh mum dheidhinn.  Smaoinich!  Màthair Bean na Bainnse a ràdh nach do rinn mise job cheart air a nighean, nach do d’fhuirich a gruag suas fad an latha idir.  Oh cha d’ thubhairt i sin rium fhìn idir, ach bha i ga èigheachd air feidh a bhaile.  Chunnaic mise i agus i a toirt droch shùil orm ’s mi ceannach aig cunntair na cigarettes, so thug mi an aghaidh orra.  Chuir mise dìreach na h-àite fhèin i, dearbh cha chan i an còir ma dheidhinn sa.  I fhèin agus a cuid casaidean ’s a trod – sann a thoisich i ag obair air na b’ agam nam bhasgaid – uill cho fhads sa tha fhios agamsa chan e cron a tha ann a bhith ceannach leth bhotal gin. 

Agus airson a spideag nighean uill ’s docha nach do fhùirich a gruag suas fad a latha ach tha mi smaointinn gun do mhair e nas fhaide na pòsadh aice – tha i fhèin agus fear na bainnse a nisd dealaichte.  

 
FADE OUT ON SOME MUSIC
 
SCENE 4. INT SALON. DAY


DOLLY: Tha gnothaichean caran quiet so tha mi dol a cuir a staigh advert sa phàipear, dìreach a pàipear bheag aigeinn fhèin, dh’fhaodainn a chuir dhan Gazette ach cò tha ag iarraidh bus làn do Leòdaisaich a cnocadh air a doras ag iarraidh prom?  Dh’fheumadh Cal Mac bata aiseag nas motha a chuir air a run eadar Beàrnaraigh agus na Hearadh.  Neo dh’fhaodainn a chuir a staigh dhan Free Press tha iadsan an chòmhnaidh gann do adverts – aye right!  Chan eil sian anns a phàipear a tha sin ach sanasan, ‘s na aon fheadhainn a h-uile seachdain – an aon rud a tha iad ag atharrachadh se deit!  Cuiridh mi fon gu Tormod, bha sinn sa sgoile còmhla, tha e uamhasach lagha.


SFX  DOLLY DIALS A NUMBER ON THE PHONE.


DOLLY: Hello an e Tormod a tha siud?  Hi a Thormoid, se Dolly a tha seo.  Och ok, dè tha dol agad fhèin?  Innsidh mi dhut dè th’ann, tha mi airson advert bheag a chuir a staigh dhan phàipear airson an ath sheachdain….. De?  Nach do phàigh…?   Trì mìosan air ais…?  Bheil thu cinnteach…?  Oh uill ma tha am coimpiutar ga ràdh feumaidh gu bheil e ceart.  Agus an deach cunntais a chuir a mach thugam?  Oh uill ’s docha gun deach e air chall, fhios agad fhèin mar a tha am Post Office….  Uill cuir thugam a rithist e math tha agus gheibh thu an t-airgead.  Chan eil mi a tuigsinn ciamar a thachair sin.  Ok math tha cheers a Thormoid.


SFX DOLLY PUTS THE TELEPHONE DOWN.


 
SCENE 4. INT SALON. DAY (CONT)


DOLLY: Oh Tormod a tha siud, tha e cho sliamach.  Tha mise mionnaichte as gun do phàigh mi airson siud, cha chuirinn seachad air nach do land a cheque a tha siud ann a pòcaid na briogais aigesan.  E fhèin agus a chuid coimpiutar.  


DOLLY: (SIGHS)  Bha siud dol a thoirt a staigh customer neo dha a bharrachd, ‘s docha gu bheil còir agam làrach linn a dhèanamh suas dhomh fhìn.  Ach chan eil cùis eòlais agamsa air coimpiutaran.  Thug mi sùil air a làrach aicese.  Oh ach cho fancy, dathan, ’s dealbhan, ‘s extensions, French polish ’s dè nach robh ann.  Bha prìsean a siud cuideachd.  Dà fhichead not a tha i a chargeadh airson Cut & Blow Dry!  Dà fhichead not, smaoinich thusa!  ’S bheag an t-iongnadh gu bheil e a falbh timcheall ’s a sròin san adhar ann a four by four.  Thoot i an latha roimhe agus i a draibheadh seachad.

DOLLY: Bha mi dìreach a tilleadh as a bhùth agus cò a chunnaic mi a sin ann a nine items or less ach Catriona shìos a rathad.  Hello a Chatriona, ars mise rithe, Oh hello a Dholly, ars ise, Tha mi dìreach air lunch ars ise, chuir nighean na h-oifis a mach mi airson sandwiches. Is toil leam do ghruag ars mise rithe. Oh ars ise, chan eil seo ach na tongs ùr a fhuair mi, tha iad uamhasach math ars ise agus i dol beagan dearg na gruaidhean.  Tha còir agad lime dh’fheuchainn leis a gin ars ise, tha e gu math refreshing.  A bheil? ars mise.  Nuairsin bha aice ris a pin aice a chuir a staigh dhan mhachine, na faiceadh tu na h-ìnean a bha oirre, a h-uile dad a bha dol – cha mhòr nach fheumainn na speuclairean dubha aig Deirdre leis mur a bha mi air mo dhalladh.

 
SCENE 4. INT SALON. DAY (CONT)

DOLLY: Siud a t-seann leaflet agam, Cut & Blow Dry a toiseach aig ochd nota deug.  Sann a tha còir agam na prìsean agam a thoirt sìos!  Gheibhainn barrachd chustomers an nuairsin agus shealladh sin do tè four by four nach eil mise fhathast a mach as a gheama a tha seo.  Cuiridh mi sìos e gu còig nota deug.  Sin e a nisd, tha Dolly air ais!  (STOPS)  Oh cha d’ thug mi riamh an aire dha siud, air a leaflet a tha seo tha spelling mistake ann, tha mi air Saloon a chuir sìos an àite Salon, Dolly’s Hairdressing Saloon, ciamar a nisd na do mhothaich mi dha sin?


WE FADE OUT ON SOME MUSIC


THE END.
 
 
*This script is not the final edited version to be transmitted on Radio Nan Gaidheal.